The Celtic Dragon Myth, by J.F. Campbell, [1911], at sacred-texts.com
Bha iasgair ann roimhid de sheann duine s bhiodh e a falbh a dhiasgach daonnan. Latha dhe na làithean chaidh e dhiasgach, s cha robh e a faighinn dearg. Am bial na h-oidhche de thachair ris ach iasg. Tharruinn e e, s chuir e a làmh a mach a bhreith air. "An ann a brath mis a thoirt leat a tha thu?" ars an t-iasg. "Matà s ann, s math leam gon dfhuair mi thu," ars 2 an t-iasgair. "Chan e sin is fheàrra dhuit," ars an t-iasg, "ach lig mis air mais s theid thu ga leithid so de dhàite màireach s gheibh thu go leòir de dhiasg," ars an t-iasg. Lig e air ais e. Chaidh e dhachaidh. "An dfhuair thu dearg idir?" ars a bhean ris nur a chaidh e dhachaidh. "Cha dfhuair," ars esan, "gheibh mi gu leòir am màireach."
"Nach bochd a thàinig thu falamh an nochd," ars ise.
"Chan eil comas againn air," ars esan.
An lar na mhàireach dhfhalbh e. Thug e fad an latha a fiachainn am faigheadh e iasg, s cha
dfhuair e dearg. Am bial na h-oidhche, an am tighinn dachaidh, rib an t-iasg e. Tharruing en t-iasg, s rug e air go thoirt leis. "An ann a brath mo thoirt leat an nochd a tha thu?" ars an t-iasg. "S ann," ars esan. "S math leam tfhaotainn gu dthoirt leam." "Chan e sin is fheàrra duit, ach fàg mis an nochd fhathasd, s am màireach gheibh thu iasg na leòir." Dhfhàg e e s chaidh e dachaidh.
"An dthainig thu falamh an nochd a rithisd?" ars a bhean. "Thàinig," ars esan. "O cha bhidh sinn beò," ars ise. Chaidh e laighe s chaidil en oidhche sin.
An lar na mhàireach dhfhalbh e dhiasgach a rithisd s cha robh e a faighinn dearg. Am bial na h-oidhche nur a bha e dol dachaidh rib an t-iasg a rithisd e. Tharruinn e e s rug e air. "An ann a brath mo thoirt leat a nochd a tha thu?" ars an t-iasg. "Matà s ann," ars esan. "Chan fhàg thu tuillidh mi?" "Chan fhàg," ars esan. "Chan eil duin cloinn agad?" ars an t-iasg. "Chan eil," ars esan. "Nur theid thu dhachaidh leam 1-sa cha lig thu duine sam bith am sgoltadh ach thu fhìn. 2 Tha làir agad?" "Tha," ars am bodach. "Cha chuir thu anns a phoit an nochd ach bìdeag den ghrùthan s bìdeag den chridhe dhuit fhìn, s do d bhean s don làir s don ghalla. Gheibh thun sin trì chnàmhan aig taobh a chinn agam-sa agus theid thu mach agus tiodhlcaidh thu sa ghàradh
iad. An oidhche bhios clann aig do bhean theid thu mach agus togaidh tu cnaimh agus cinnidh craobh far am bin cnàimh. Bidh trì mic aig do mhnaoi agus bidh trì craobhan an àite nan trì chnamhan a bhios fo shnodhach a shamhradh s a gheamhradh a h-uile latha go bràch an eadh s a bhios do chlann beò. H-uile siubhal a bhios mac aig do mhnaoi, bidh searrach aig an làir agus cuilean aig a ghala."
Chaidh e dachaidh, s sgoilt en t-iasg s chuir e bìdeag anns a phoite dha fhìn agus da mhnaoi, don làir agus don ghala, den ghrùthan s den chridhe. Chaidh e laigh is chaidil e an oidhche sin.
An ceann trì ràithean thainig saothair chloinne air a mhnaoi, s rug i leanabh mic. "De sin, a dhuine, a than so?" ars ise. "Tha leanabh mic," ars esan. "Bu 1 mhath sin nam biodh rud ann a gheibheadh e," ars ise. "Tha sin ann," ars esan. Thug e sùil uaidh. Bha searrach aig an làir: bha cuilean aig a ghalla: bha craobh anns a ghàradh aig h-aon de na cnamhan.
An ceann trì ràithean bha leanabh mic aice. "De than sin? a dhuin" ars ise. "Thà leanabh mic," ars esan. "Bu mhath sin," ars ise, "nam biodh rud ann a gheibheadh e." "Tha sin ann," ars esan. Thug e sùil uaidh s chunnaic en darna searrach aig an làir s an darna cù aig a ghalla s an darna craobh as an darna cnàimh anns a ghàradh.
An ceann trì ràithean a rithist bha ### treas
leanabh mic aice. "De than sin, a dhuine?" ars ise. "Tha leanabh mic," ars esan. "Bu mhath sin nam biodh rud ann a gheibheadh e," ars ise. "Tha sin ann," ars esan. Thug e sùil uaidh s chunnaic en treas searrach aig an làir s an treas cù aig a ghala s an treas craobh aig an treas cnàimh anns a ghàradh. Ghleidh am bodach na trì chnàmhan.
Bha a chlann a cinntinn suas gus an robh iad a tighinn gu crìonnachd s gu gliocas. Thuirt am fear a bu shine ra athair: bidh mi fhìn afalbh a dhiarraidh an fhortain. Chan eil sin ach bochd dhomh-sa an deis fhad s a bha mi gun 1 ur faicinn, ars esan. Ma tha thu dol gu falbh tha each agus cù agad an so a rugadh an oidhche rugadh tu fhìn, s bheir thu leat iad," ars am bodach. "Bheir thu leat strian agus thig an t-each s cuiridh e cheann san strein." Thug e leis an strian s chuir an t-each a cheann innte s lean an cù e. Fhuair am bodach an cnàimh a bhaig a chraoibh a chinn an oidhch a rugadh e. Shìn e na laimh e s dhfhàs e na chlaidheamh chinn-òir na dhòrn.
"Taing duit, a rìgh nan ceud agus nan cumhachd," ars an gille, "tha sgoil agus foghlum agus ionnsachadh agam-sa nis; ach a chraobh ud sa ghàradh bidh i fo shnodhach s fo dhuilleach bho fhoghar gu samhradh s bho earrach gu geamhradh gus am faigh mis am bàs s nur a gheibh mis am bàs tuitidh an snodhach di."
Dhfhàg e beannachd aig athair s aig a mhathair
[paragraph continues] s thug e gu astar. Gum bu cham gach rathad s gum bu reidh gach slighe gus an drainig e pàileas righ na Gréige. Bha e gun chuid gun airgiod gun fios a bhi aige de a dhianadh e. Cha rachadh e stigh don phàileas. Ghabh e gus an tigh a biomallaiche bhan sin uile gu leir ris an canadh iad tigh mucair. Cheangail en t-each aig an dorusd. Ghabh e stigh. Dhfhoighnichd em faigheadh e
fantail an siud an nochd. Cha dthuirt bean a mhucair am faigheadh no nach faigheadh. Cha robh duine cloinne aig a mhucair. Cha robh fios aige càit an gabhadh e. Dhfhan e far an robh e. Eadar sin agus treis dhen oidhche tighinn thainig am mucair. Dhfhoighnichd e co bu leis an t-each a bhaig an dorusd. Thuirt an t-òganach gum bu leis-san.
"A bhean, an dthug thu biadh don choigreach?" ars am mucair. "Cha tug, cha diarr e orm e," ars ise. "Deasaich biadh dha." Thòisich i air deasachadh bidh dha. "Den naigheachd a thagad as a bhaile mhór?" ars a bhean. Na bha naigheachdan agam-sa tha fios agad fhìn orra ach chan eil fhios am am bheil fios aig a choigreach air. Chan eil de mhic no nigheanan aig righ na Greig ach an aon nighean. Thainig brath a ionnsuidh mur am bi e am màireach aig a chladach le a aon nighean a toirt air dheas làimh do Mhaca Mór Rìgh na Sorcha, gur e a chlach is àirde clach is ìsle, s a chlach is ìsle clach is àirde na chaisteal. Chruinnich e na bha na rioghachd de shluagh uile
gu leir cuideachd, fiach am faigheadh e duine sam bith a dhfhalbhadh a ghleidheadh na nighinn, s gum faigheadh en darna leith d a rioghachd ri bheò, s an rioghachd uile gu leir air a mharbh, s a nighean ra pòsadh.
Cha dfhuair e duine beò a ghabhadh as laimh falbh leis an nighinn ach aona chòcaire claghann ruadh a bha a gearradh feòl a stigh aige le sgithinn mhóir. Cuiribh an t-suipeir air dòigh," ars an t-òganach a thainig, s biodh a bhraiceas reidh tràth, chionn tha rnis a falbh tràth anns a mhaduinn, s gnothaichean agam ri urrachan móra. Thig mi rithisd san anmoch.
Dhfhalbh e sa mhaduinn. Ghabh e air muin an eich s lean an cU e. Chunnaic e nighean rìgh na Gréige s an cocaire claghann ruadh ri a taobh; sgian mhór aige na dhòrn an àite claidheamh. "Gad a thigeadh na bheil san t-Sorcha, siud mar a dhianainn-sa orra," theireadh an còcaire claghann ruadh, s e dinneadh na sgithinn anns a ghainmhich. Ghobh 1 e null far an robh iad s bheannaich e do nighean righ na Gréige s bheannaich nighean righ na Gréige dha. "Obh! obh," ars an cocaire claghann ruadh, "de than so, no de a thachair oirnn?" "Fiach am falaich thu mis," ars esan. "Dem falach a ni mis ort?" ars ise. Rug i air s thilg i ann an àite dugharrach e far am faiceadh e h-uile duine s nach faiceadh duin e. "Nach falamh a thàinig thun so, a nighean rìgh na Gréige,"
ars an t-òganach. "Cha robh duine beò anns an rioghachd a thigeadh comhla rium ach còcaire claghann ruadh a bhaig mathair."
"Suidhidh mi fhin comhla riut treis," ars esan. "Des ciall-dùsgaidh dhuit ma thig an cadal ort?" ars ise. "Mo chuilean gaolach fhìn mo tharruinn leis an rann s mo tharruing an aghaidh an ranna." Ann an ùine ghoirid thuit esan na chadal. Cha bfhad a bha e na chadal nur a chunnaic is an fhiarge a dol dhan iar s am muir a fàs mór.
"A chuilean ghaolaich," ars ise, "dùisg do mhaighstir."
Dhfhalbh an cuilean agus tharruing e leis an rann e agus an aghaidh an ranna s dhùisg e e. Nur a sheall e uaidh chunnaic e òlach moidearra misgiamhach a tighinn ann an luing. Dhianadh e stiùir na deireadh s ball na toiseach. Gach ball a bhiodh fuasgailte gun ceangladh e, s gach ball a bhiodh ceangailte gum fuasgladh e. A mhuc a bu mhotha ag itheadh na muice bu 1 lugha s a mhuc a bu lugha a dianamh 2 mar a dhfhaodadh i: faochaga croma ciar a chladaich a sior urgadaich air a h-ùrlar aig fheobhas s bhan t-òigear ga stiùradh. Ghabh e gu àit acair leatha s leag e a cuid sheòltan. Thug en dùgh-dheireadh aice ionnsuidh an dùgh-thoisich. Thug e leum an sin
air tìr s tharruing e air tir air tràigh Thug en ath leum a stigh na broìnn s thòisich e air e fhin 3 a chur na eideadh. Ghabh mac an Iasgair
sios s sheall e air a fad agus air a liad. Chuir e a dhà laimh timchioll oirre s thog e i s dhfhàg e i sia fad fhìn am bràigh na tràgha i.
"Con aona bheadagan a bhan rioghachd na Gréige aig an robh a chridhe a leithid siud de bhallachd-buird 1 a dhianamh orm fhìn no air mo luing? Ach bheir mise air righ na Gréige a gheall a bhith le a nighinn a toirt domh air dheis laimh air a chladach, gur h-i a chlach is isle clach is àirde, s a chlach is àirde clach is isle na chaisteal, mur an cum e a ghealladh rium-sa," ars am fear a bha san luing. Tha en so fhathast s cha do theich e s chan eil duine n rioghachd na Gréige is miosa na mise," arsa mac an Iasgair. Thòisich an dithisd air a cheile. Dhianadh iad bogan air achreagan agus creagan air a bhogan; an t-àite bu lugha rachadh iad fodha rachadh iad fodha gun glitinean; s an t-àite bu mhotha rachadh iad fodha rachadh iad fodha gan sùilean. Smaointich mac an Iasgair gum bu dona dha tuiteam anns a chiad bhlàr s an dfhiachadh e. Thug en togail ud air agus leag e e. "Am bàs as do chionn! de teirig?" arsa mac an Iasgair. "S mór sin, s mi mac mór righ na Sorcha. Ach dem bàs a tha thu brath a thoirt domh?" ars esan. "Dem bàs a bheireadh tu fhìn domh-sa nam biodh tu an deigh mo leagail an toiseach?" arsa mac an Iasgair. "An ceann a thoirt as an amhuich agad," arsa mac mór righ na Sorcha. "Matà chan e sin a ni mis ort-sa," ars
esan, "ach cuiridh mi ceangal an taod gu daor agus gu docair ort, agus mionnan, gach buill a bhuaileas thu gum buail thu le righ na Gréige e agus gum bi thu nad ghaisgeach dùrachdach dha gu bràch." Dhfhalbh e s thug e leis e suas gu bàrr a bhruthaich, s dhfhàg en sin e. Ghabh e air muin an eich s ghabh e dachaidh. 1
Chaidh an còcaire claghann ruadh dhachaidh le nighean an rìgh mar gum be fhìn a dhianadh an treubhas. Chuireadh cairt agus gille a dhiarraidh mhic mhóir righ na Sorcha. Chuireadh e fo shileadh na lòchraidh s fo ròs choinnlean. Rainig mac an Iasgair tigh a mhucair. Chuireadh biadh is deoch air a bhial-thaobh. Cha bfhad a bha e stigh nur a thainig am mucair dachaidh. Dhfhoighnic mac an Iasgair den naigheachd a bh aige. Thuirt e gur minic 2 a theireadh nach robh claidheamh math an droch thruaill aig a chòcaire chlaghann ruadh agus an t-euchd a rinn e. Ach tha em màireach ri falbh fhathasd agus an earar, ars am mucair. "Tubaist air na daoin-uaisle bha gnothuch agam fhìn riu s cha dfhuair mi aig an tigh iad s feumaidh mi falbh am màireach fhathast."
Chaidh e laigh an oidhche sin s chaidil e. Moch s a mhaduinn dheirich e s an deigh a bhiadh a ghabhail chaidh e air muin an eich s dhfhalbh e. Ghabh e lom, dìreach far an robh nighean rìgh na Gréige: chuir e a cheann air a glùn.
"De s ciall-dùsgaidh dhuit ma thuiteas thu d
chadal?" ars ise. "Thà, barr na lùghdaig deis a thoirt diom," ars esan. Ann an ùine ghoirid chaidil e. Cha robh e fada na chadal nur a chunnaic is an soitheach a tighinn. Thug i dheth barr na lughdaig dheis s dhuisg e.
Thainig mac miadhonach righ na Sorcha gu tìr. Choinnich mac an Iasgair e s rinn e a cheart leithid air s a rinn e air a bhrathair an de. Chaidh e air muin an eich s ghabh e air falbh.
Chaidh an còcaire claghann ruadh dhachaidh le nighean an rìgh s co ach esan s e cumail a mach gur h-e fhìn a bha dianamh gach gniomh gaisgeil. An am an athaidh agus an anmoich ghabh mac an iasgair gu tigh a mhucair mar a bàbhaist. Cha bfhad a bha e stigh nur a thainig am mucair dachaidh. "S minig 1 a theireadh nach robh claidheamh math an droch thruaill aig a chòcaire chlaghann ruadh," ars am mucair. "De an t-euchd a rinn an còcaire claghann ruadh an dràsd?" arsa mac an Iasgair. "Mac miadhonach righ na Sorcha a cheangal," ars am mucair. "Tham màireach agam fhìn ri thoirt fhathast mar a bhagam an diu," arsa mac an Iasgair.
An lar na mhàireach chaidh e air muin an eich s dhfhalbh e. Rainig e far an robh nighean righ na Gréige. Chuir e a cheann air a "Des ciall-dùsgaidh dhuit ma chaidleas thu?" ars ise. "Barr na lughdaig eile a thoirt diom," ars esan. An ùine ghoirid thuit e na chadal. Cha bfhad a
bha e na chadal nur a chunnaic ise soitheach a tighinn. Thug i barr na lughdaig eile dheth s dhùisg e. Chaidh an còcaire claghann ruadh am falach leis an eagal mar a bàbhaist da. Thainig mac beag righ na Sorcha air tìr. Rinn mac an Iasgair air mar a rinn e air càch. Chaidh e air muin an eich s ghabh e air falbh. Chaidh an còcaire claghann ruadh dhachaidh le nighean an rìgh, s co ach esan, s mu bfhior e fhìn gur h-e rinn gach euchd. Thugadh mac beag righ na Sorcha ceangailte gu tigh an righ, s bha nis triuir mhac righ na Sorcha ceangailte stigh fo shileadh na lòchraidh s fo ròs nan coinnlean 1; s gach cnàimh a lomadh na h-uaislean aig a chuirm ga thilgeadh orra le masladh agus le tàmailte. Anns an fheasgair rainig mac an Iasgair tigh a mhucair. Cha robh e fad a stigh nur a thainig am mucair. "De do naigheachd an nochd?" arsa mac an Iasgair ris a mhucair. "Tha sin agam naigheachd," ars am mucair, "gum bheil triuir mhac righ na Sorcha a nis ceangailte aig a chòcaire chlaghann ruadh s gum bheil e fhìn agus nighean an righ ri pòsadh am màireach." "Nach en gaisgeach e," arsa mac an Iasgair.
Bha banais eibhinn shunndach aighearach ri bhith aig nighean an righ s aig a chòcaire ruadh. Chuireadh brath air a h- uile duine burrainn coiseachd anns an rioghachd thun na bainnse.
[paragraph continues] Chuireadh b rath air a mhucair s cha dfhiathaicheadh an coigreach; s cha rachadh am mucair ann on nach robh esan a dol ann. "De bu choireach, a mhucair, nach deachaidh thu-sa thun na bainnse?" 1 ars mac an Iasgair. "Cha rachainn-sa ann agus thu fhìn fhàgail," ars am mucair. "S math am bord-bainnse thaig nighean righ na Gréige an dràsd," arsa mac an Iasgair, "bfhearr leam fhìn gun robh e againn air ar bial-thaobh. Fhalbh 2 thus, a chuilein ghaolaich, agus sìn thu fhìn agus na bi ceacharra adol suas. Theirig a steach do sheombàr na bainnse agus an tuthailt tha sìnte air a bhord air bial-thaobh an rìgh agus bhean-nabainnse, thoir thugam-sa an so e."
Dhfhalbh an cù agus ghabh e suas. Chaidh e stigh don t-seombar. Rug e air an tuthailt agus chruinnich e i s thug e leis Ghabh e sios leatha gu tigh a mhucair. Sgaoil e air a bhord air am bial-thaobh i.
"Am bheil duine sam bith," ars comhairleach a bhaig an righ, "nach eil an so fhathasd? s fhad on a chuala mi e: s làidir cui.lean a uchd treòir. Fhalbhaibh agus seallaibh am bheil am mucair a stigh, no co tha comhla ris."
Ghabh iad a sios s chunnaic iad a h-uile sgath de na bhair a bhòrd air bial-thaobh a mhucair agus a choigrich. "Thuirt mi roimhid: s làidir cuilean a uchd treòir. S minic (i.e. mairg) a dhianadh a leithid siud de bhanais don chòcaire chlaghann
ruadh, s nach creid mi gur h-e a cheangail na gaisgich," arsa n comhairleach nur a thill an fheadhainn a chaidh sios s a dhinnis iad mar a bha. "Falbhadh a bheag-bhuidheann ghaisgeach sìos is thugadh iad a nios am ionnsuidh-sa ceangailt e," ars an righ.
"Ghabh a bhuidheann sìos. Co dhiarr oirbh-se na bhair bòrd an righ thoirt leibh?" arsa na chaidh a sios ris a mhucair agus ri mac an Iasgair. "Cha dthug sinne leinn riamh e, s cha do chairich sinn as a so fhathast," arsa mac an Iasgair. "Mur an dthug thusa leat e thug do chù leis e agus tha do chù mìomhail," ars àd-san. "Na bithibh a bruidhinn ris ach beiribh air, s thugaibh leibh ceangailte e, mar a dhiarradh oirnn," arsa fear den bhuidheann."
"Eirich 1 thu-sa, chuilean, agus tarruinn iad leis an rann, agus tarruinn iad an aghaidh an ranna anns an lùb ud a muigh," arsa mac an Iasgair.
Rug an cuilean orra agus tharruing e iad an aghaidh an ranna agus leis an rann anns an lùba. Dhfhalbh iad suas nan conablaich mar sin dhionnsuidh an righ.
"Nach dthuirt mi roimhid gum bu làidir cuilean a uchd treòir," ars an comhairleach. "Fhalbh thus," ars an righ ra ghille agus cuir an òrdugh an coach agus gun rachamaid a dhiarraidh a choigrich." Chuir an gille an òrdugh an coach agus chaidh an righ agus a nighean a dhiarraidh a
choigrich. Chan fhalbhadh e leo gun am mucair a bhith leis. Chaidh e fhin s am mucair an sin a stigh sa choach leis an righ agus le a nighean agus dhfhalbh iad gu tigh an righ. Chaidh iad a stigh do sheombar na bainnse agus shuidh iad. "Tha rud a dhìth a nis orm-s," ars nighean an rìgh, "agus suidhibh socair samhach timchioll an tseombair" s ràinig i esan. "Cuir a mach do lamh," ars ise. "Tha mo lamh goirt," ars esan. Thug i spadhadh air a laimh s tharruinn i mach Chuir in sin a lamh na pòca, s thug i barr na lughdaig deis aig as s chuir i siud air a lughdaig.
"S fior sin," ars ise, "s tu-sa rinn an t-euchd. Cha bhi dhfhear pòsda no dìolain agam-sa gu brach ach thu-sa; s cuiribh air a h-aghaidh a bhanais."
Dheirich esan s chaidh e sios s dhfhuasgail e triùir chloinne righ na Sorcha. Thugadh dachaidh pears eaglais is phòs iad. Chaidh iad a laighe is chaidil iad an oidhche sin. An làr na mhàireach thug e sùil uaidh a null a mach air an uinneig s chunnaic e caisteal dubh thall mu a choinneamh. Dhfhoighnie e de n caisteal a bhan siud. Thuirt ise ris nach robh ach caisteal a bhaig an droch chreutair. Dheirich 1 e s ghabh e mach. Thug e leis each agus a chù s ghabh e null ionnsuidh a chaisteil. Chaidh e stigh s chunnaic e boirionnach an sin s i a cireadh a cinn.
"Co as a thàinig thu, a mhic athar mo ghaoil
agus mathar mo ghràidh? Thig a nios s gun innseadh tu naigheachd domh s gun innsinn-sa naigheachd duit." Ghabh e sìos far an robh i. Rug i air an t-slachdan dhraoidheachd s rinn i carragh-creige dheth. Rinn i leithid eile air a chù agus air an each. Sheall am bodach am mach s bha a chraobh an deigh an duilleach a chall. "S fìor sin," ars esan, "tha mise gun mhac an diu." "Tha mis a falbh," ars am mac miadhonach gus am faigh mi eirig mo bhrathar a thogail." Chaidh e air muin eich s lean a chù e s thug am bodach dha cnàimh s dhfhas an cnàmh na chlaidheamh chinn-òir na laimh. "Tha ionnsachadh is fòghlum agam-sa a nis," ars esan is dhfhalbh e. Gum bu cham gach rathad s gum bu reidh gach slighe gus an dthainig e lom dìreach gu tigh a mhucair. Cha do chruthaicheadh na bu choltaiche ra cheile na e fhein is a bhrathair.
"De thug dhuit fuireachd an raoir o aobhar do mhnatha agus do leannain?" Chuireadh suas gu tigh an rìgh e. Ghabh ise na choinneamh agus na chomhdhail s dùil aice gur h-e a fear a bhann. Cha robh fios aige air an t-saoghal de mar a gheibheadh e fantail gun dol a leaba bhrathar an oidhche sin. Se thuirt e rithe gun robh geall mór eadar e fhìn agus duin uasal s nach burrainn e dol a laighe, ach gun caidleadh e air a bhord aig bial na leapa. Rinn e siud. Thug e sùil uaidh anns a mhaduinn s de chunnaic e ach an caisteal. "Den caisteal a than siud?" ars e rithe-sa. "Nach
dinnis mi sin duit an oidhche roimhid?" ars ise. Dheirich 1 e s chaidh e mach. Thug e leis each s a chù s ghabh e null ionnsuidh a chaisteil. Chaidh e stigh s rinn is air mar a rinn i air a bhrathair.
Sheall am bodach a mach s bhan duilleach air tuiteam bharr an darna craobh. 2 "S fhior sin," ars am mac òg, "cha bheò mo bhrathair. Bidh mise a falbh a thogail eirig."
Thug e leis each s a chù. Thug athair cnàimh dha na laimh. Dhfhàs an cnaimh na chlaidheamh chinn-òir na dhòrn.
"Taing dhuit-s, a righ nan ceud s nan cumhachd: tha gach ionnsachadh is fòghlum agam-sa a nis."
Ghabh e air falbh. Gum bu 3 cham gach slighe s gum bu reidh gach rathad da gus an d ràinig e pàileas righ na Gréige. Chunnaic ise mach thromh na h-uinneagan e s ghabh i mach na choinneamh agus na chomhdhail. Thug i leatha dhachaidh e. "Bha na leòir duit fuireachd a chiad oidhche gun fuireachd an raoir," ars ise, s i a saoilsinn gur h-e a fear a bhann.
"S iomadh duine a bhios gnothuch aige ri uaislean air chor s nach bi fios aca cuin a thig iad," ars esan. Chaidh iad a laighe s chuir esan claidheamh fuar eatorra. Anns a mhaduinn an làr na mhaireach thug esan sùil uaidh, s chunnaic e caisteal mar a chunnaic càch. Dhfhoighnic e
den caisteal a bhan siud. "Nach dinnis mi sin duit an raoir s an oidhche roimh sin?" ars ise. Dheirich e s thug e leis each s a chù s ghabh e null thun a chaisteil. Chaidh e stigh s chunnaic e boirionnach an sin a cìorradh a cinn.
"Thig a nios, fheudail, a mhic athar mo ghaoil agus màthar mo ghràidh,s gun innseadh tu naigheachd domh, s gun innsinn naigheachd duit," ars ise. Cha robh amharus math sam bith aig oirre. 1 Thug en leum sin a suas s leag e i s chuir en claidheamh air an amhuich aice.
"Am bàs as do chionn! De téirig?" ars esan. "Is mór sin," ars 2 ise. "Drong òir agus drong airgid." "Is leam sin agus do bhàs," ars esan. Thug en ceann di. Thug e uaithe na h-iuchraichean s dhfhiach en tigh. Fhuair e aon seòmbar làn òir is airgid. Fhuair e seòmbar làn aodaichean dhaoinuaisle. Fhuair e seòmbar làn dhìollaidean agus strianan. Fhuair e seòmbar làn bhrògan agus bhòtainnean. Fhuair e seòmbar làn dhaoin air an tionndadh nan carraghnan creige. Rug e air ballan an ath-bheothachaidh s thòisich e air a dhòrtadh orra gus an dthug e beò iad. Bha a bhràithrean fhìn nam miosg. Thug e aodach s a chuid fhìn do na h-uile duine bhan sin agus dòrlach òir is airgid. Chaidh e fhìn s a bhràithrean a suas gus a phàileas.
"Is ann agad," ars esan ra bhràthair, "a than aon bhoireannach is fhearr air an do shil uisg athar riamh.
"Dé mar tha thu-sa ga aithneachadh sin?" ars a bhràthair.
"Is ann comhla rithe bha mi fhìn an raoir," ars esan. Bhuail an t-eud a bhràthair agus tionndar ris agus tilgear an ceann deth leis a chlaidheamh.
Sheall am bodach a mach agus bha a chraobh aig an fhear òg air tuiteam s bhan dà chraobh eile nan seasamh.
"Is fhior e," ars esan. "Tha mo mhac as òige marbh, s than dithisd eile beò rithisd."
Bhan dà bhràthair an oidhche sin am pàileas an rìgh. An lar na mhàireach dhfhalbh iad nan dithisd ann an coach. Ràinig iad tigh an athar. Thug iad leò e, e-fhìn s am mathair gu pàileas righ na Gréige. An lar na mhàireach chuir iad iad an caisteal daibh fhìn. Bhan rìoghachd aig a bhràthair bu shine agus nighean an righ aige pòsda.
155:1 1 Reciter: Alasdair Mac Neill, Ceanntangaval, Barra; Alasdair Mac Ruairidh Bhàin. A very complete version with several new incidents not in printed version of the Mermaid.
155:2 MS. urs.
156:1 MS. leom-sa.
156:2 So MS.
157:1 MS. bo.
158:1 MS. gon.
160:1 = ghabh.
161:1 MS. bo.
161:2 MS. dianadh.
161:3 So MS.
162:1 Mockery. Phrase: dhfhàg e ballachd air = he left a mark on him.
163:1 Barra dialect.
163:2 Barra dialect for mairg.
164:1 For mairg.
165:1 Beneath the drippings from the black (sooty) rafters and the resin of the (pine) candles.
166:1 Was not invited.
166:2 MS. Thalla.
167:1 MS. (dialectal).
168:1 MS. dh'éiridh
170:1 MS. dhéiridh.
170:2 Usually craobh is feminine.
170:3 MS. gom bo.
171:1 MS. urra.
171:2 MS. urs.